| Caledonian Mac a’ Bhriuthainn air "Ceanglaichean ChalMac" a chur air bhog | |
| 23 June 2008 Tha buidheann nan aiseag Caledonian Mac a’ Bhriuthainn air prògram ùr, “Ceanglaichean ChalMac”, a chur air bhog an-diugh. Buinidh am prògram seo do chonaltradh dealanach a chumas naidheachdan ri luchd-cleachdaidh mu na bhios a' tachairt ann an lìonra Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.
Le bhith a’ clàradh air-loidhne le “Ceanglaichean ChalMac”, gheibh daoine litrichean-naidheachd anns a bheil beachdan mu thurasan do na 24 ionadan air a bheil Caledonian Mac a’ Bhriuthainn a' frithealadh, fiosrachadh mu sheirbheisean agus mu thairgsean a tha ri fhaighinn air bòrd, ath-bhreithneachadh ro làimh air bileagan dealanach agus “An Sealladh bho Thoiseach an t-Soithich” anns a bheil naidheachdan bho luchd obrach ann an lìonra ChalMac.
Faodaidh daoine a bhios a’ clàradh air-loidhne le “Ceanglaichean ChalMac” ro dheireadh 31 Lùnastal 2008 dol a-steach ann am farpais gus aonan de dheich duaisean de thicead ChalMac eadar na h-Eileanan, air a bheil luach suas ri £350 am fear, a bhuannachadh.
Thuirt Manaidsear Margaidheachd ChalMac Susan Paterson: "’S e Ceanglaichean ChalMac an dòigh ùr sam faod daoine conaltradh a chumail ri CalMac agus sam faod CalMac conaltradh a chumail ris na daoine air fad a rinn turas a-cheana gu h-Eileanan Chluaidh no gu Innse Gall, cho math ris an fheadhainn nach d’rinn turas le CalMac fhathast. Tha beachdan bho luchd-cleachdaidh a’ leigeil fhaicinn gu bheil tòrr den luchd-chleachdaidh againn gu math dìleas do ChalMac agus gu bheil ceangal pearsanta leithid seo a’ còrdadh riutha – a’ bruidhinn ris an sgioba air bòrd agus ris an luchd-obrach air tìr – agus gum bi seo a’ toirt orra a bhith a’beachdachadh mu bhith a’siubhal le CalMac a-rithist agus a-rithist. Bu mhath leinn seo a leudachadh a-mach a-nis gus an ruig e air an luchd-chleachdaidh air fad, gus càirdeas a thogail eadar iad fhèin agus CalMac agus brosnachadh a thoirt dhaibh mar sin gus tilleadh agus tuilleadh tursan a ghabhail air lìonra ChalMac.
“Sna beagan làithean a tha romhainn, bidh sinn a’ cur mu 50,000 pasgan-fiosrachaidh a-mach do dhaoine, a dh’innse dhaibh mu Cheanglaichean ChalMac agus mar a nì iad clàradh. Ach bithibh mothachail nach ann do na luchd-chleachdaidh a a th’aig CalMac an-dràsta fhèin a-mhàin a tha Ceanglaichean ChalMac. Faodaidh duine sam bith dol an sàs ann, dìreach le bhith a’ dol air www.calmac.co.uk/connects Bidh bileagan ri fhaighinn ann an ionadan agus aiseagan Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn cuideachd.
"Tha sinn air a bhith ag obair le grunnan bhuidhnean-gnìomha eile gus Ceanglaichean ChalMac a chur air bhog agus gus na h-innleachdan margaidheachd againn a thoirt gu buil - tha an luchd-dealbhachaidh air beachdan cruthachail a chur ri chèile agus tha Sitekit Solutions anns an Eilean Sgitheanach air taic a thoirt seachad le margaidheachd dhealanach. Is ann air obair-sgrùdaidh is stòr-dàta a rinn a’ bhuidheann Optima Value as ar leth a tha an obair seo stèidhichte. Chaith sinn mòran uine ag obair air innleachdan margaidheachd mar phàirt dhan an tagradh-seirbhis a chur sinn a-mach an uiridh. Air thàillibh seo bha sinn a’miannachadh gum biodh co-obrachadh agus com-pairteachadh an lùib na modhan obrach san iomairt ùr againn.
Crìoch
Fiosrachadh do Luchd-deasachaidh:
Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu na tha san Fhios-naidheachd seo, dèanaibh conaltradh ri Susan Paterson, Manaidsear Margaidheachd, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn. Fòn: 07841 737 552; e-mail susan.paterson@calmac.co.uk. ‘S e ainmean malairt a bhuineas do dh’ Aiseagan ChalMac Earrannta a tha ann an CalMac agus Caledonian Mac a’ Bhriuthainn.
Air a sgaoileadh: Dihaoine 20 Ògmhios 2008, 1000 | |
